Archives

An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014

190 d.

[Klap­pen­text]

Tha an Rìgh marbh, na Drao­id­he­an a‑nis a’ riagh­ladh agus tha dui­ne sam bith a bhruidhne­as nan aghaidh a’ dol à seal­ladh gun sgeul orra tuil­leadh.  Tha eagal is mì-chin­nt air an t‑sluagh agus ainm ri chluinn­tinn nach cua­l­as fad ioma­dach gine­al­ach: An Sgo­il Dhubh.

Air eilean beag iom­al­lach tha dui­ne òg, Sgài­re, a’ tachairt air dithis strainn­sear air a’ mhòin­tich; toi­se­ach turais a tha ag athar­r­achadh a bhea­tha gu tur agus ga thoirt tro chunn­art is tro cho­gadh air an t‑slighe a bha an dàn dha linn­te­an mus do rug­adh e.

Tha Iain F. MacLeòid gar stiùi­readh le sgil an fhìor-sgeu­lai­che feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iong­an­tach ach fhat­hast freum­haich­te ann an drao­id­he­achd is gais­ge­achd nan seann uirsgeul.

Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha cha­rac­ta­ran is dha sgeòil — fead­hainn on latha an-dè cho math ri fead­hainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bru­a­d­ar­an boills­geach. Nì an sgrìob­had­air seo uile le alt is fai­re­ach­da­inn agus le sàr-mhac-meanmna a ghla­cas is a bhiat­has miann an leughadair.
Màr­tainn Mac an t‑Saoir

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015

138 d.

[Klap­pen­text]

Èis­dibh, mas àill leibh, laoidh
Air a‘ chui­de­achd chao­imh a dh’fhalbh…

Abair cui­de­achd, is abair sgeu­lach­dan!  Tha muinn­tir Nis an seo an iomadh riochd.  Cuid a chaidh a‑null thai­ris, gu tric gu fuachd is cru­a­d­al.  Cuid eile a dh’f­hui­rich aig bai­le, is chì sinn na rinn ‚s na thuirt iad­san, is muir is mòin­teach far com­hair an-còmhna­idh.  Cha mhò a tha dear­mad air gaol is lean­nachd.  Lao­idh a tha seo dhan t‑saoghal a bh‘ ann ‚s a th‘ ann, far an robh am Pablo is MacF­he­ar­chair, is far a bheil Anna à Eòr­paidh is Anna à Dail bho Thuath, cear­can-fraoich, pocannan plas­taig is Super Mario! 

Tha sgrìob­hadh agus sgrìob­hadh ann. Agus tha sgrìob­hadh an dui­ne seo sòn­raich­te; mar gu snaigheadh clachair bal­la, clach an dèidh cloi­che; mar gum bual­adh gob­ha iarann, buil­le an dèidh buil­le. Aith­ni­chidh tu a sgrìob­hadh mus eil thu fada na chui­de­achd: soilleir, grinn le fiamh a‘ ghài­re. Cha b‘ e a che­an­nach a rinn e.
Mark Wrin­ge

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

A´ Cleachdadh na Gàidhlig

A' Cleachdadh na Gàidhlig

Clò Ost­aig, 2011

314 d.

[gaelicbooks.org]

Sla­tan-tom­hais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd

Ro‑ràdh agus 14 ais­te­an sa Ghàidhlig, 9 ais­te­an sa Bheurla

Co-chruin­ne­achadh a tha seo de phài­pearan le sgo­i­le­aran, iomair­ti­che­an, luchd-gnìom­hach­ais, luchd-tea­gaisg is eile air tag­hadh math de chus­pai­re­an cean­gail­te ri bros­nachadh agus gleid­headh cle­ach­dadh na Gàidhlig ann an ioma­dach seòr­sa coim­he­ars­nachd agus buidhne.

Leab­har air leth feu­mail airson dui­ne no buidhne sam bith a tha an sàs no lem bu chaomh a bhith an sàs ann am pio­brachadh no daing­ne­achadh cle­ach­dadh a‘ chànain.
Toraid­he­an rann­sachaidh, beach­dan teòi­ri­geach agus nithe­an prag­tai­geach a ghab­has dèa­na­mh gus cle­ach­dadh na Gàidhlig a shoirb­he­achadh agus a neartachadh.

Stand­ort: AA


Gen­re: Beur­la, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Rannsachadh na Gàidhlig 8

Dun­edin Aca­de­mic Press Ltd, 2016

314 d.

[Klap­pen­text]

Pài­pearan bho Rann­sachadh na Gàidhlig 8, a chaidh a chu­mail ann an Dùn Èide­ann anns an Ògmhi­os 2014, a´ gab­hail a‑steach ais­tid­he­an air cànan, cul­t­ar, litre­ach­as agus each­draidh nan Gàid­he­al bho linn nan naomh suas chun an latha an-diugh.

Papers from the eighth Rann­sachadh na Gàidhlig con­fe­rence, held in Edin­burgh in June 2014. The volu­me includes essays on Scot­tish Gae­lic lan­guage, lite­ra­tu­re, histo­ry, mate­ri­al cul­tu­re and socio­lin­gu­i­stics from ear­ly Chris­ti­an times to the present.

Stand­ort: AA


Gen­re: Beur­la, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Còco is Crùbagan — A Hebridean Childhood

Còco is Crùbagan / Cocoa and Crabs - A Hebridean Childhood

Urras Leabhraiche­an nan Eilean, 2009

112 d.

[gaelicbooks.org]

Ged nach robh beair­te­as mòr mao­in aig Flòraidh NicDhòmhnaill is a teagh­lach ann an ceàrn iom­al­lach de dh’ei­lean Bheinn na Fadhla às dèidh an Dara Cogaidh, bha saidhbh­re­as de sheòr­sa eile aca: bannan dain­ge­ann gràidh, cai­the­amh-bea­tha fall­ain, nàbai­d­he­an còi­re taice­il, maise nàd­air mun cuairt orra, agus pail­te­as de dh’ainmhid­he­an air an robh meas mòr aca. Agus anns an leab­har seo tha Flòraidh ag ath-chrut­hach­adh an t‑saoghail a bh‘ aca le ealan­tas is dùrachd.

Tha 2 CD leis an leab­har, air a bheil Flòraidh ag inn­se an sgeu­lachd aice anns a‘ Ghàidhlig.

Über­set­zung ins Japa­ni­sche hier.

Stand­ort: AA


Gen­re: Clàran-ciùil, Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Balach na Bonaid (& Audio CD)

Eadar-the­ang­achadh le Aon­ghas MacNeacail

Big Sky Press, 2012

32 d.

[http://www.gaelicbooks.org]

Seo sgeu­lachd mu bhalach dham b‘ ainm Niall. Tha e a‘ còmhna­idh ann an taigh beag geal, a tha na aonar taobh na mara …“

This is the Gae­lic ver­si­on of the enchan­ting Scots sto­ry, ‚The Boy and the Bun­net‘, about Neil’s adven­ture with his cat, a sel­kie, a craw and the mys­te­rious Urisk.

Stand­ort: MV


Gen­re: Gàidhlig, Leabhraiche­an, Mitt­le­re