Archives

An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014

190 d.

[Klap­pen­text]

Tha an Rìgh marbh, na Drao­id­he­an a‑nis a’ riagh­ladh agus tha dui­ne sam bith a bhruidhne­as nan aghaidh a’ dol à seal­ladh gun sgeul orra tuil­leadh.  Tha eagal is mì-chin­nt air an t‑sluagh agus ainm ri chluinn­tinn nach cua­l­as fad ioma­dach gine­al­ach: An Sgo­il Dhubh.

Air eilean beag iom­al­lach tha dui­ne òg, Sgài­re, a’ tachairt air dithis strainn­sear air a’ mhòin­tich; toi­se­ach turais a tha ag athar­r­achadh a bhea­tha gu tur agus ga thoirt tro chunn­art is tro cho­gadh air an t‑slighe a bha an dàn dha linn­te­an mus do rug­adh e.

Tha Iain F. MacLeòid gar stiùi­readh le sgil an fhìor-sgeu­lai­che feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iong­an­tach ach fhat­hast freum­haich­te ann an drao­id­he­achd is gais­ge­achd nan seann uirsgeul.

Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha cha­rac­ta­ran is dha sgeòil — fead­hainn on latha an-dè cho math ri fead­hainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bru­a­d­ar­an boills­geach. Nì an sgrìob­had­air seo uile le alt is fai­re­ach­da­inn agus le sàr-mhac-meanmna a ghla­cas is a bhiat­has miann an leughadair.
Màr­tainn Mac an t‑Saoir

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Sgeulachdan sa Chiaradh

Sgeulachdan sa Chiaradh

Acair, 2015

138 d.

[Klap­pen­text]

Èis­dibh, mas àill leibh, laoidh
Air a‘ chui­de­achd chao­imh a dh’fhalbh…

Abair cui­de­achd, is abair sgeu­lach­dan!  Tha muinn­tir Nis an seo an iomadh riochd.  Cuid a chaidh a‑null thai­ris, gu tric gu fuachd is cru­a­d­al.  Cuid eile a dh’f­hui­rich aig bai­le, is chì sinn na rinn ‚s na thuirt iad­san, is muir is mòin­teach far com­hair an-còmhna­idh.  Cha mhò a tha dear­mad air gaol is lean­nachd.  Lao­idh a tha seo dhan t‑saoghal a bh‘ ann ‚s a th‘ ann, far an robh am Pablo is MacF­he­ar­chair, is far a bheil Anna à Eòr­paidh is Anna à Dail bho Thuath, cear­can-fraoich, pocannan plas­taig is Super Mario! 

Tha sgrìob­hadh agus sgrìob­hadh ann. Agus tha sgrìob­hadh an dui­ne seo sòn­raich­te; mar gu snaigheadh clachair bal­la, clach an dèidh cloi­che; mar gum bual­adh gob­ha iarann, buil­le an dèidh buil­le. Aith­ni­chidh tu a sgrìob­hadh mus eil thu fada na chui­de­achd: soilleir, grinn le fiamh a‘ ghài­re. Cha b‘ e a che­an­nach a rinn e.
Mark Wrin­ge

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Còco is Crùbagan — A Hebridean Childhood

Còco is Crùbagan / Cocoa and Crabs - A Hebridean Childhood

Urras Leabhraiche­an nan Eilean, 2009

112 d.

[gaelicbooks.org]

Ged nach robh beair­te­as mòr mao­in aig Flòraidh NicDhòmhnaill is a teagh­lach ann an ceàrn iom­al­lach de dh’ei­lean Bheinn na Fadhla às dèidh an Dara Cogaidh, bha saidhbh­re­as de sheòr­sa eile aca: bannan dain­ge­ann gràidh, cai­the­amh-bea­tha fall­ain, nàbai­d­he­an còi­re taice­il, maise nàd­air mun cuairt orra, agus pail­te­as de dh’ainmhid­he­an air an robh meas mòr aca. Agus anns an leab­har seo tha Flòraidh ag ath-chrut­hach­adh an t‑saoghail a bh‘ aca le ealan­tas is dùrachd.

Tha 2 CD leis an leab­har, air a bheil Flòraidh ag inn­se an sgeu­lachd aice anns a‘ Ghàidhlig.

Über­set­zung ins Japa­ni­sche hier.

Stand­ort: AA


Gen­re: Clàran-ciùil, Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

A´ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan

Bildergebnis für beachdan nan sgoilearan

Coth­ro­man lea­sachaidh ann am fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig

Clò Ost­aig, 2015

135 d.

[Klap­pen­text]

Mar a she­all dio­far phròi­se­ac­tan rann­sachaidh air soirb­he­as sgo­i­le­aran ann am fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig (FMG), tha an sio­s­tam fogh­la­im sin ag obrachadh fìor mhath bho thaobh ama­san aca­dai­mea­gach. Ach, ged a tha FMG cho soirb­he­achail aig ìre fogh­la­im, tha e a´ toga­il ceann nach eil e colt­ach gu bheil mòran sgo­i­le­aran a´ cur an cuid Gàidhlig gu feum air taobh a‑muigh na sgo­i­le idir, às bith cò ris a tha na sgi­lean cànain aca coltach.

Anns an leab­har seo, tha an Dr Sìleas L. Nic­Leòid a´ toirt sùil mhio­na­ideach airson na ciad uair air beach­dan agus tuigse nan sgo­i­le­aran FMG fhè­in air a´ Ghàidhlig agus air FMG, air mar a tha iad a´ fai­re­ach­da­inn mun t‑suidheachadh ionn­sachaidh aca, mun cuid cho­ma­san sa Ghàidhlig agus mun t‑seòrsa dreuchd a th´ aig a´ Ghàidhlig nam beatha.

Tha an leab­har seo a´ cumail fòcas lài­dir air guth na cloin­ne fhè­in, stèid­hich­te air agal­lam­han le 80 sgo­i­lear bho air feadh na h‑Alba, eadar Clas 4 sa bhun-sgo­il agus Bliadhna 2 san àrd-sgo­il. Leis mar a thè­id beach­dan nan sgo­i­le­aran fhè­in a chur ri beach­dan nan inbheach, that­har a´ ruig­sinn cho-dhù­na­id­he­an agus mho­laid­he­an a tha air leth cudro­mach do lea­sachadh FMG san àm ri teachd.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Là a´ Dèanamh Sgèil Do Là

Bildergebnis für la a´ deanamh sgeil do la

CLÀR, 2004

277 d.

[Klap­pen­text]

Nob­hail chum­hach­dail eile bho Aon­ghas Pàdraig Caim­beul. Chì sinn teagh­lach anns an Eilean Sgi­the­a­nach agus dui­ne sòn­raich­te aig a bheil buaidh mhòr air am bea­tha, ach ´s ann san àm ri teachd a tha seo, agus tha lat­hai­che­an doirb­he, dor­cha a´ tig­hinn air a´ chin­ne-daon­ne. A dh´aindeoin sin, mai­ridh miann air saor­sa, agus fao­daidh rudan mìorb­hai­leach tachairt.

Tha an sgeu­lachd a´ sgao­i­leadh fad´ is far­saing tro thìm agus air feadh an t‑saoghail mhòir. Tha i a´ toirt dòchas dhuinn uile.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Deireadh an Fhoghair

Bildergebnis für deireadh an fhoghair

U & R Cham­bers, 1979

116 d.

[Klap­pen­text]

Tha triùir a´ fui­reach leo­tha fhé­in ann an àite iom­al­lach. Tha tigh Cho­in­nich faisg air a´ chla­dach; tha Ailean is Nel­lie a‑muigh air a´ mhòin­tich. ´S e dei­readh an fhog­hair a th´ ann, agus tha an obair a‑nis seachad. Chan eil dad ri dhè­a­na­mh ach suid­he ´n tac an tei­ne, ith agus cadal.

Tha iad aos­da. Dh´fhalbh an fhead­hainn air an robh iad eòlach; dh´fhalbh iad bho chionn fha­da, ´s chan fhaicear a‑nis ach asnai­che­an is tobh­tai­che­an nan tig­he­an aca, obair an làimh a´ dol fo ghla­sach uaine.

Agus bithidh iad­san a´ cuimhne­achadh orra. Bithidh iad­san a´ cuimhne­achadh air ioma­dach rud an tac an tei­ne, eadar cadal is dùs­gadh, an obair dèan­ta agus dor­cha­das is fuachd a´ ghe­amhraidh romhpa aon uair eile. Tha a´ sgi­al­achd seo ag inn­se mu latha agus oidhche ´nam beatha.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Dìleas Donn

Bildergebnis für dìleas donn

CLÀR, 2006

157 d.

[Klap­pen­text]

Tha an sgeu­la seo stèid­hich­te san là an-diugh agus tha i a´ toga­il air bea­tha thriùir dhaoi­ne. ´S aith­ne do Bhell­ann, Ailig Iain agus Muri­el a chè­i­le, agus tha ruith na sgeòil a´ toirt orra rog­hain­ne­an a dhè­a­na­mh a rèir bhe­ach­dan a thài­nig bhon òige no a rèir nan dòig­he­an gu bheil iad fhè­in a´ sreap mar inbhich. Tha an suid­he­achadh sin a´ toirt dhuilg­hea­da­san is bri­se­adh-dùil nam bea­tha, agus tha aig gach dui­ne aca fa leth ri gleac gus mod­han is cai­the­amh-bea­tha a tho­ga­il dhaib´ fhè­in ma tha iad idir a´ dol a lorg frea­gairt a bhi­os brìoghm­hor dhaibh.

Tha an sgeu­la air a h‑innse ann an dòigh aotrom, thlachdm­hor a ghla­cas aire an leughad­air. Tha bea­tha nan daoi­ne seo a´ grei­me­achadh riut air dhòigh ´s nach eil e furas­ta an leab­har a chur sìos aon uair ´s gun tòi­sich thu air. Bho chui­re­as tu idir eòlas air an triùir a tha seo, bidh boil ort gus am faigh thu a‑mach dè fo she­albh mar a thè­id dhaibh.

Seo a´ chi­ad leab­har de thrì mu bhea­tha an teagh­laich seo.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Rìoghachd nan Eilean

Bildergebnis für "rioghachd nan eilean"

Clò Hal­laig, 2005

143 d.

[Klap­pen­text]

Thai­ris air na bliadhnachan mu dhei­readh tha each­draidh ùr air a thig­hinn am fol­lais mu Eile­a­nan Gàid­he­alt­achd na h‑Alba, each­draidh bheòthail iong­an­tach a she­al­las dhuinn mar a bha muinn­tir nan Eilean an teis-mead­han ghnot­hai­che­an eaco­na­mach, poi­li­ti­geach agus cul­t­a­rach airson còrr is mìle bliadhna. B´ e àite soirb­he­achail mis­ne­achail adhartach a bh´ anns na h‑Eileanan, far an robh an sluagh Gàid­he­al­ach a thaobh cul­ta­ir is cànain, agus aig an aon àm a´ cumail ceum ris a´ chòrr den Eòrpa.

Tha an leab­har seo, stèid­hich­te air an t‑sreath teleb­hi­sein Rìog­hachd nan Eilean a chaidh a chrao­ladh air BBC Alba agus a choi­sinn moladh mòr, ag inn­se na sgeu­lachd sin. Le cui­de­achadh na h‑eachdraidh, ´s urrainn dhuinn smao­i­ne­achadh air mar a thè­id ar dùt­haich ath-nuad­hach­adh anns an àm ri teachd.

Chaidh Domhnall Uil­leam Stiùb­hart a tho­ga­il air a´ Bhac ann an Eilean Leòd­hais. Tha e a‑nis ag obair ann an Oilt­high Dhùn Èide­ann, aig Ceil­tis agus Sgo­il Eolais na h‑Alba.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an

Dùn Aluinn

Bildergebnis für "dùn aluinn"

Llanerch Press / Clò Char­raig, 2003

267 d.

[Klap­pen­text]

Se Dùn Aluinn a´ chi­ad nob­hail sa Gàidhlig a bh´ ann. Air sgath sin, tha e cudro­mach do litre­ach­as na h‑Alba. Cla­saig gu dearbh. San sgeul, thach­air sin air Cai­lean òg, gais­geach na tio­tal. Tha e ´na oigh­re den uach­dar ain­tig­hear­nach, agus theid e a‑mach le athair, mu dheid­hinn „curam“ an tuath aca. A bhar­r­achd air sin, thach­air a h‑uile rud san nob­hail seo … Murt, Gaol, Eucoir, Upraid, Aimhreit, Con­spi­ra­cy 7c.

Deagh leug­hadh da riribh …

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an