
Acair, 2014
190 d.
[Klappentext]
Tha an Rìgh marbh, na Draoidhean a‑nis a’ riaghladh agus tha duine sam bith a bhruidhneas nan aghaidh a’ dol à sealladh gun sgeul orra tuilleadh. Tha eagal is mì-chinnt air an t‑sluagh agus ainm ri chluinntinn nach cualas fad iomadach ginealach: An Sgoil Dhubh.
Air eilean beag iomallach tha duine òg, Sgàire, a’ tachairt air dithis strainnsear air a’ mhòintich; toiseach turais a tha ag atharrachadh a bheatha gu tur agus ga thoirt tro chunnart is tro chogadh air an t‑slighe a bha an dàn dha linntean mus do rugadh e.
Tha Iain F. MacLeòid gar stiùireadh le sgil an fhìor-sgeulaiche feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iongantach ach fhathast freumhaichte ann an draoidheachd is gaisgeachd nan seann uirsgeul.
Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha charactaran is dha sgeòil — feadhainn on latha an-dè cho math ri feadhainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bruadaran boillsgeach. Nì an sgrìobhadair seo uile le alt is faireachdainn agus le sàr-mhac-meanmna a ghlacas is a bhiathas miann an leughadair.
Màrtainn Mac an t‑Saoir
Standort: AA

Acair, 2015
138 d.
[Klappentext]
Èisdibh, mas àill leibh, laoidh
Air a‘ chuideachd chaoimh a dh’fhalbh…
Abair cuideachd, is abair sgeulachdan! Tha muinntir Nis an seo an iomadh riochd. Cuid a chaidh a‑null thairis, gu tric gu fuachd is cruadal. Cuid eile a dh’fhuirich aig baile, is chì sinn na rinn ‚s na thuirt iadsan, is muir is mòinteach far comhair an-còmhnaidh. Cha mhò a tha dearmad air gaol is leannachd. Laoidh a tha seo dhan t‑saoghal a bh‘ ann ‚s a th‘ ann, far an robh am Pablo is MacFhearchair, is far a bheil Anna à Eòrpaidh is Anna à Dail bho Thuath, cearcan-fraoich, pocannan plastaig is Super Mario!
Tha sgrìobhadh agus sgrìobhadh ann. Agus tha sgrìobhadh an duine seo sònraichte; mar gu snaigheadh clachair balla, clach an dèidh cloiche; mar gum bualadh gobha iarann, buille an dèidh buille. Aithnichidh tu a sgrìobhadh mus eil thu fada na chuideachd: soilleir, grinn le fiamh a‘ ghàire. Cha b‘ e a cheannach a rinn e.
Mark Wringe
Standort: AA

Clò Ostaig, 2011
314 d.
[gaelicbooks.org]
Slatan-tomhais ann an dìon cànain sa choimhearsnachd
Ro‑ràdh agus 14 aistean sa Ghàidhlig, 9 aistean sa Bheurla
Co-chruinneachadh a tha seo de phàipearan le sgoilearan, iomairtichean, luchd-gnìomhachais, luchd-teagaisg is eile air taghadh math de chuspairean ceangailte ri brosnachadh agus gleidheadh cleachdadh na Gàidhlig ann an iomadach seòrsa coimhearsnachd agus buidhne.
Leabhar air leth feumail airson duine no buidhne sam bith a tha an sàs no lem bu chaomh a bhith an sàs ann am piobrachadh no daingneachadh cleachdadh a‘ chànain.
Toraidhean rannsachaidh, beachdan teòirigeach agus nithean pragtaigeach a ghabhas dèanamh gus cleachdadh na Gàidhlig a shoirbheachadh agus a neartachadh.
Standort: AA

Dunedin Academic Press Ltd, 2016
314 d.
[Klappentext]
Pàipearan bho Rannsachadh na Gàidhlig 8, a chaidh a chumail ann an Dùn Èideann anns an Ògmhios 2014, a´ gabhail a‑steach aistidhean air cànan, cultar, litreachas agus eachdraidh nan Gàidheal bho linn nan naomh suas chun an latha an-diugh.
Papers from the eighth Rannsachadh na Gàidhlig conference, held in Edinburgh in June 2014. The volume includes essays on Scottish Gaelic language, literature, history, material culture and sociolinguistics from early Christian times to the present.
Standort: AA

Urras Leabhraichean nan Eilean, 2009
112 d.
[gaelicbooks.org]
Ged nach robh beairteas mòr maoin aig Flòraidh NicDhòmhnaill is a teaghlach ann an ceàrn iomallach de dh’eilean Bheinn na Fadhla às dèidh an Dara Cogaidh, bha saidhbhreas de sheòrsa eile aca: bannan daingeann gràidh, caitheamh-beatha fallain, nàbaidhean còire taiceil, maise nàdair mun cuairt orra, agus pailteas de dh’ainmhidhean air an robh meas mòr aca. Agus anns an leabhar seo tha Flòraidh ag ath-chruthachadh an t‑saoghail a bh‘ aca le ealantas is dùrachd.
Tha 2 CD leis an leabhar, air a bheil Flòraidh ag innse an sgeulachd aice anns a‘ Ghàidhlig.
Übersetzung ins Japanische hier.
Standort: AA

近代文藝社, 2013
147 d.
Còco is Crùbagan ins Japanische übersetzt von Machiko Terada.
Standort: AA

Birlinn, 2008
216 d.
[Klappentext]
- Essential grammar clearly explained
- Model sentences, key phrases and vocabulary
- Numerous short exercises to reinforce learning
- Includes a guide to pronunciation
- Includes a mini Scottish Gaelic-English dictionary
Standort: AA

Eadar-theangachadh le Aonghas MacNeacail
Big Sky Press, 2012
32 d.
[http://www.gaelicbooks.org]
„Seo sgeulachd mu bhalach dham b‘ ainm Niall. Tha e a‘ còmhnaidh ann an taigh beag geal, a tha na aonar taobh na mara …“
This is the Gaelic version of the enchanting Scots story, ‚The Boy and the Bunnet‘, about Neil’s adventure with his cat, a selkie, a craw and the mysterious Urisk.
Standort: MV