Cothroman leasachaidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
Clò Ostaig, 2015
135 d.
[Klappentext]
Mar a sheall diofar phròiseactan rannsachaidh air soirbheas sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FMG), tha an siostam foghlaim sin ag obrachadh fìor mhath bho thaobh amasan acadaimeagach. Ach, ged a tha FMG cho soirbheachail aig ìre foghlaim, tha e a´ togail ceann nach eil e coltach gu bheil mòran sgoilearan a´ cur an cuid Gàidhlig gu feum air taobh a‑muigh na sgoile idir, às bith cò ris a tha na sgilean cànain aca coltach.
Anns an leabhar seo, tha an Dr Sìleas L. NicLeòid a´ toirt sùil mhionaideach airson na ciad uair air beachdan agus tuigse nan sgoilearan FMG fhèin air a´ Ghàidhlig agus air FMG, air mar a tha iad a´ faireachdainn mun t‑suidheachadh ionnsachaidh aca, mun cuid chomasan sa Ghàidhlig agus mun t‑seòrsa dreuchd a th´ aig a´ Ghàidhlig nam beatha.
Tha an leabhar seo a´ cumail fòcas làidir air guth na cloinne fhèin, stèidhichte air agallamhan le 80 sgoilear bho air feadh na h‑Alba, eadar Clas 4 sa bhun-sgoil agus Bliadhna 2 san àrd-sgoil. Leis mar a thèid beachdan nan sgoilearan fhèin a chur ri beachdan nan inbheach, thathar a´ ruigsinn cho-dhùnaidhean agus mholaidhean a tha air leth cudromach do leasachadh FMG san àm ri teachd.
Standort: AA