Archives

A´ Ghàidhlig agus Beachdan nan Sgoilearan

Bildergebnis für beachdan nan sgoilearan

Coth­ro­man lea­sachaidh ann am fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig

Clò Ost­aig, 2015

135 d.

[Klap­pen­text]

Mar a she­all dio­far phròi­se­ac­tan rann­sachaidh air soirb­he­as sgo­i­le­aran ann am fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig (FMG), tha an sio­s­tam fogh­la­im sin ag obrachadh fìor mhath bho thaobh ama­san aca­dai­mea­gach. Ach, ged a tha FMG cho soirb­he­achail aig ìre fogh­la­im, tha e a´ toga­il ceann nach eil e colt­ach gu bheil mòran sgo­i­le­aran a´ cur an cuid Gàidhlig gu feum air taobh a‑muigh na sgo­i­le idir, às bith cò ris a tha na sgi­lean cànain aca coltach.

Anns an leab­har seo, tha an Dr Sìleas L. Nic­Leòid a´ toirt sùil mhio­na­ideach airson na ciad uair air beach­dan agus tuigse nan sgo­i­le­aran FMG fhè­in air a´ Ghàidhlig agus air FMG, air mar a tha iad a´ fai­re­ach­da­inn mun t‑suidheachadh ionn­sachaidh aca, mun cuid cho­ma­san sa Ghàidhlig agus mun t‑seòrsa dreuchd a th´ aig a´ Ghàidhlig nam beatha.

Tha an leab­har seo a´ cumail fòcas lài­dir air guth na cloin­ne fhè­in, stèid­hich­te air agal­lam­han le 80 sgo­i­lear bho air feadh na h‑Alba, eadar Clas 4 sa bhun-sgo­il agus Bliadhna 2 san àrd-sgo­il. Leis mar a thè­id beach­dan nan sgo­i­le­aran fhè­in a chur ri beach­dan nan inbheach, that­har a´ ruig­sinn cho-dhù­na­id­he­an agus mho­laid­he­an a tha air leth cudro­mach do lea­sachadh FMG san àm ri teachd.

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an