An Sgoil Dhubh

An Sgoil Dhubh

Acair, 2014

190 d.

[Klap­pen­text]

Tha an Rìgh marbh, na Drao­id­he­an a‑nis a’ riagh­ladh agus tha dui­ne sam bith a bhruidhne­as nan aghaidh a’ dol à seal­ladh gun sgeul orra tuil­leadh.  Tha eagal is mì-chin­nt air an t‑sluagh agus ainm ri chluinn­tinn nach cua­l­as fad ioma­dach gine­al­ach: An Sgo­il Dhubh.

Air eilean beag iom­al­lach tha dui­ne òg, Sgài­re, a’ tachairt air dithis strainn­sear air a’ mhòin­tich; toi­se­ach turais a tha ag athar­r­achadh a bhea­tha gu tur agus ga thoirt tro chunn­art is tro cho­gadh air an t‑slighe a bha an dàn dha linn­te­an mus do rug­adh e.

Tha Iain F. MacLeòid gar stiùi­readh le sgil an fhìor-sgeu­lai­che feadh iomadh tìr is saoghal a tha ùr agus iong­an­tach ach fhat­hast freum­haich­te ann an drao­id­he­achd is gais­ge­achd nan seann uirsgeul.

Nach lìonmhor na saoghail a bheir Iain F. MacLeòid dha cha­rac­ta­ran is dha sgeòil — fead­hainn on latha an-dè cho math ri fead­hainn nar latha fhìn: cuid eile ris nach suath mòran againn ach ann am bru­a­d­ar­an boills­geach. Nì an sgrìob­had­air seo uile le alt is fai­re­ach­da­inn agus le sàr-mhac-meanmna a ghla­cas is a bhiat­has miann an leughadair.
Màr­tainn Mac an t‑Saoir

Stand­ort: AA


Gen­re: Fort­ge­schrit­te­ne, Gàidhlig, Leabhraiche­an