Clò Hallaig, 2005
143 d.
[Klappentext]
Thairis air na bliadhnachan mu dheireadh tha eachdraidh ùr air a thighinn am follais mu Eileanan Gàidhealtachd na h‑Alba, eachdraidh bheòthail iongantach a sheallas dhuinn mar a bha muinntir nan Eilean an teis-meadhan ghnothaichean eaconamach, poilitigeach agus cultarach airson còrr is mìle bliadhna. B´ e àite soirbheachail misneachail adhartach a bh´ anns na h‑Eileanan, far an robh an sluagh Gàidhealach a thaobh cultair is cànain, agus aig an aon àm a´ cumail ceum ris a´ chòrr den Eòrpa.
Tha an leabhar seo, stèidhichte air an t‑sreath telebhisein Rìoghachd nan Eilean a chaidh a chraoladh air BBC Alba agus a choisinn moladh mòr, ag innse na sgeulachd sin. Le cuideachadh na h‑eachdraidh, ´s urrainn dhuinn smaoineachadh air mar a thèid ar dùthaich ath-nuadhachadh anns an àm ri teachd.
Chaidh Domhnall Uilleam Stiùbhart a thogail air a´ Bhac ann an Eilean Leòdhais. Tha e a‑nis ag obair ann an Oilthigh Dhùn Èideann, aig Ceiltis agus Sgoil Eolais na h‑Alba.
Standort: AA