CLÀR, 2006
157 d.
[Klappentext]
Tha an sgeula seo stèidhichte san là an-diugh agus tha i a´ togail air beatha thriùir dhaoine. ´S aithne do Bhellann, Ailig Iain agus Muriel a chèile, agus tha ruith na sgeòil a´ toirt orra roghainnean a dhèanamh a rèir bheachdan a thàinig bhon òige no a rèir nan dòighean gu bheil iad fhèin a´ sreap mar inbhich. Tha an suidheachadh sin a´ toirt dhuilgheadasan is briseadh-dùil nam beatha, agus tha aig gach duine aca fa leth ri gleac gus modhan is caitheamh-beatha a thogail dhaib´ fhèin ma tha iad idir a´ dol a lorg freagairt a bhios brìoghmhor dhaibh.
Tha an sgeula air a h‑innse ann an dòigh aotrom, thlachdmhor a ghlacas aire an leughadair. Tha beatha nan daoine seo a´ greimeachadh riut air dhòigh ´s nach eil e furasta an leabhar a chur sìos aon uair ´s gun tòisich thu air. Bho chuireas tu idir eòlas air an triùir a tha seo, bidh boil ort gus am faigh thu a‑mach dè fo shealbh mar a thèid dhaibh.
Seo a´ chiad leabhar de thrì mu bheatha an teaghlaich seo.
Standort: AA