U & R Chambers, 1979
116 d.
[Klappentext]
Tha triùir a´ fuireach leotha fhéin ann an àite iomallach. Tha tigh Choinnich faisg air a´ chladach; tha Ailean is Nellie a‑muigh air a´ mhòintich. ´S e deireadh an fhoghair a th´ ann, agus tha an obair a‑nis seachad. Chan eil dad ri dhèanamh ach suidhe ´n tac an teine, ith agus cadal.
Tha iad aosda. Dh´fhalbh an fheadhainn air an robh iad eòlach; dh´fhalbh iad bho chionn fhada, ´s chan fhaicear a‑nis ach asnaichean is tobhtaichean nan tighean aca, obair an làimh a´ dol fo ghlasach uaine.
Agus bithidh iadsan a´ cuimhneachadh orra. Bithidh iadsan a´ cuimhneachadh air iomadach rud an tac an teine, eadar cadal is dùsgadh, an obair dèanta agus dorchadas is fuachd a´ gheamhraidh romhpa aon uair eile. Tha a´ sgialachd seo ag innse mu latha agus oidhche ´nam beatha.
Standort: AA